Fàilte

Pat in front of a hedge

Leugh sa Bheurla | Leugh sa Chuimris

Fàilte don aithisg bhliadhnail airson Còd Carboin nan Coilltean 2024 gu 2025.

Tha bliadhna thrang air a bhith againn agus sinn a’ cumail oirnn a’ cuideachadh manaidsearan-fearainn gus pròiseactan carboin choilltean a leasachadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

A’ bhuaidh againn

Tha an còd fhathast a’ toirt buaidh mhòr air cruthachadh choilltean agus air na targaidean airson gasaichean seòmair-ghlainne na RA.

Ann an 2024 gu 2025, chaidh 141 pròiseact a dhearbhadh fon chòd, a’ còmhdachadh cha mhòr 5,000 heactair.

Thathar a’ dèanamh fàisneachd gum bi pròiseactan air an dearbhadh fon chòd a’ cur gu taobh còrr is 29.1 millean tunnaichean co-ionann ri dà-ogsaid carboin thairis air am beatha.

Leasachadh agus mathachadh

Tha sinn an geall air an còd a leasachadh agus a mhathachadh gus am bi buaidh fiù ’s nas motha againn san àm ri teachd.

Am-bliadhna, tha sinn air an sgioba againn a leudachadh, tha sinn air a’ ghnìomhachd againn a thaobh conaltradh is compàirteachadh a mheudachadh agus tha sinn air ceuman a bharrachd a ghabhail gus na pròiseasan a tha a’ toirt taic don chòd a neartachadh, a’ gabhail a-steach cùmhnantan neach-ceannaich/neach-reic.

Tha sinn air bhioran a bhith nar pàirt den dùbhlan CivTech Challenge, a’ faicinn mar a dh’fhaodas sinn teicneòlasan ùr-ghnàthach a chur gu feum gus am bi na pròiseasan againn, a thaobh sùil a chumail air gnothaichean agus a thaobh rianachd, a dhèanamh nas so-ruigsinniche, nas pongaile agus nas èifeachdaiche.

Co-theacsa nas fharsainge

Tha leasachaidhean cudromach air tachairt ann am margaidhean nàdair. Bha sinn toilichte fàilte a chur air:

  • Prionnsapalan Fìreantachd airson Margaidhean Carboin Saor-thoileach agus Margaidhean Nàdair, a dh’fhoillsich Riaghaltas na RA
  • Frèam-obrach airson Margaidhean Calpa Nàdarra, a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba
  • Co-chomhairleachadh air prionnsapalan tasgadh so-sheasmhach, a dh’fhoillsich Riaghaltas na Cuimrigh

Tha sinn cuideachd air a bhith an sàs san raon de dh’inbhean margadh nàdair a tha Institiùd Inbhean Bhreatainn a’ leasachadh.

Tha na h-iomairtean seo cudromach mar aithneachadh air luach fìreantachd àrd ann am margaidhean nàdair saor-thoileach airson dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde agus èiginn bith-iomadachd.

Taing

Bu mhath leam taing a thoirt don h-uile buidheann com-pàirteachais, leasaiche-pròiseict agus ceannaiche carboin againn airson na taice a thug iad dhuinn thairis air a’ bhliadhna sa chaidh.

Le bhith ag obair còmhla, tha sinn a’ cur ris an àrainneachd nàdarra ann an dòigh chudromach agus a’ cuideachadh ann a bhith a’ freagairt ri èiginn na gnàth-shìde.

Pat Snowdon
Ceannard Eaconamais agus Còd Carboin nan Coillteane 
Coilltearachd na h-Alba


Cuir post-d thugainn ma tha thu ag iarraidh tionndadh Gàidhlig no Cuimris den aithisg bhliadhnail seo.  

Did you find this page helpful?

Rate your experience

Your feedback helps us to improve this website. If you would like a response, please include your email address.

Your feedback helps us to improve this website. If you would like a response, please include your email address.