Fàilte

Pat in front of a hedge

Leugh sa Bheurla | Leugh sa Chuimris

Fàilte gu aithisg bhliadhnail Còd Carbon nan Coilltean airson 2025 gu 2026.

Am-bliadhna, tha Còd Carbon nan Coilltean air leantainn air adhart a’ leudachadh a bhuaidh, a’ cumail taic ri cruthachadh choilltean air feadh na RA agus a’ neartachadh misneachd ann am margaidhean carboin treibhdhireach.

Ar buaidh

Tha an còd fhathast a’ cur gu mòr ri cruthachadh choilltean agus ri coileanadh targaidean lùghdachadh gasaichean taigh-glainne san RA.

Ann an 2025 to 2026: 

  • Fhuair 145 pròiseact dearbhadh a rèir a’ chòd
  • Chaidh 6,762 heactair de choilltean ùra a chruthachadh  

Thathar a-nis an dùil gun glac pròiseactan a chaidh a dhearbhadh a rèir a’ chòd co-ionann ri 15.7 millean tunna de carbon dà-ogsaid thar am beatha. 

Còmhla, tha na pròiseactan seo a’ cur ri gnìomh gnàth-shìde treibhdhireach agus cuideachd a’ lìbhrigeadh bhuannachdan nas fharsainge do nàdar agus do choimhearsnachdan.

Leasachadh

Tha e na rùn dhuinn a bhith a' toirt leasachadh leantainneach air a' chòd gus a' bhuaidh as motha fhaighinn, agus sinn ag obair còmhla ri eòlaichean agus luchd-ùidh air feadh na roinne. Cleachdaidh sinn teicneòlasan ùra gus pròiseas dearbhaidh is barantachaidh nas luaithe agus nas eadar-cheangailte a thoirt seachad.

Ann an 2025-2026, rinn sinn adhartas le raon de ghnìomhachdan leasachaidh cudromach, a' gabhail a-steach:

  •  A' cur eagran 3 den chòd air dòigh 
  • A’ tòiseachadh air measadh leis a’ Chomhairle Treibhdhireachd airson a' Mhargaidh Carboin Shaor-thoilich 
  • A' cruthachadh teicneòlasan ùra tro CivTech

Thug sinn taic do chom-pàirtichean gus coimhead air leasachaidhean margaidh san àm ri teachd, a' gabhail a-steach: 

  • A' tomhas agus ag aithris air bith-iomadachd
  • Maoin ceannach carboin coille
  • Còd uisge airson coilltean
  • Bun-inbhean margaidh Institiud Stannardan Bhreatainn (BSI) 

Aithne 

Bha sinn air leth toilichte gun deach Còd Carbon nan Coilltean ainmeachadh mar bhuannaiche ann an Duaisean Bloomberg Philanthropies 2025 do Stiùirichean Ionadail na Gnàth-shìde aig Fòram Stiùirichean Ionadail aig COP30 san t-Samhain ann an Rio de Janeiro.

Fhuair Còd Carbon nan Coilltean agus Riaghaltas na h-Alba duais Cumhachd Com-pàirteachais, agus seo ag aithneachadh ar cuid obrach ann a bhith a’ toirt luchd-seilbh fearainn, companaidhean agus coimhearsnachdan còmhla gus taic a chumail ri cruthachadh choilltean agus gnìomh a thaobh na gnàth-shìde.

Bha sinn toilichte cuideachd gun deach an Dr Vicky West, Àrd-mhanaidsear Leasachaidh a’ Chòd, agus Alex MacKinnon, ball den bhòrd comhairleachaidh againn, a thaghadh air geàrr-liosta Dhuaisean Confor. Chaidh Vicky agus Alex ainmeachadh ann an roinn ùr-ghnàthachaidh cothromachadh-carboin, ag aithneachadh na chuir iad ri oidhirpean gnìomhachas na coilltearachd agus an fiodha gus amasan cothromachadh-carboin na RA a lìbhrigeadh.

Tha an aithne seo a’ sealltainn mar a tha buaidh a’ chòd a' sior fhàs ann an gnìomh a thaobh na gnàth-shìde san RA agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tapadh leibh

Bu toil leam taing a thoirt do na buidhnean com-pàirteach againn, do luchd-leasachaidh phròiseactan agus luchd-ceannach carboin airson an taic leantainnich.. Tha soirbheachas a’ Chòd mar thoradh air ur eòlais, ur dealas agus ur co-obrachadh. 

Le bhith ag obair còmhla, tha sinn a’ gabhail pàirt ro-chudromach ann an dìon na h-àrainneachd nàdarra agus ann a bhith a’ dèiligeadh ri èiginn na gnàth-shìde.

Pat Snowdon
Ceannard Eaconomais agus Còd Carbon nan Coilltean 
Coilltearachd na h-Alba

 

Cuir post-d thugainn ma tha thu ag iarraidh tionndadh Gàidhlig no Cuimris den aithisg bhliadhnail seo.

Did you find this page helpful?

Rate your experience

Your feedback helps us to improve this website. If you would like a response, please include your email address.

Your feedback helps us to improve this website. If you would like a response, please include your email address.